Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Arthur Cormack > Nuair Bha Mi Òg > Nuair Bha Mi Og
|
Nuair Bha Mi Og |
| Credits : | Mairi Mhor nan Oran; arranged by Arthur Cormark |
| Appears On : | Nuair Bha Mi Òg |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| Moch 's mi 'g éirigh air bheagan éislein | Early I awakened with little sorrow |
| Air madainn Chéitein 's mi ann an Os | On a May morning in Ose |
| Bha spréidh a' geumnaich an ceann a chéile | The cattle were lowing as they gathered |
| 'S a' ghrian ag éirigh air Leac-an-Stòrr | And the sun rising on Leac-an-Storr |
| Bha gath a' boillsgeadh air slios nam beanntan | The rays were beaming on the flanks of the mountains |
| Cur tuar na h-oidhche 'na dheann fo sgòd | Covering over night's gloom hastily |
| Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor | And up above me the lively lark sang |
| Toirt 'na mo chuimhne nuair bha mi òg | Reminding me of when I was young |
| Toirt 'na mo chuimhn' iomadh nì a rinn mi | ___ |
| Nach faigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòl | ___ |
| A' falbh 'sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean | ___ |
| Gun solas lainnteir ach ceann an fhòid | ___ |
| Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa | ___ |
| Ach dh'fhalbh an t-ám sin 's tha 'n gleann fo bhròn' | ___ |
| Bha 'n tobht aig Anndra 's e làn de fheanntaig | ___ |
| Toirt 'na mo chuimhne nuair bha mi òg | ___ |
| Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan | ___ |
| Far 'n robh mi suaimhneach a' cuallach bhó | ___ |
| Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach | ___ |
| De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò | ___ |
| Na raoin 's na cluaintean fo fhraoch is luachair | ___ |
| Far 'n tric na bhuaineadh leam sguab is dlò | ___ |
| 'S nam faicinn sluagh agus tighean suas annt' | ___ |
| Gum fàsainn suaimhneach mar bha mi òg | ___ |
| Nuair chuir mi cùl ris an eilean chùbhraidh | ___ |
| 'S a ghabh mi iùbhrach na smùid gun seòl | ___ |
| Nuair shéid i 'n dùdach 's a shin an ùspairt | ___ |
| 'S a thog i cùrsa o Thir a' Cheò | ___ |
| Mo chridhe brùite 's na deòir le m'shùilean | ___ |
| A' falbh gu dùthaich gun sùrd, gun cheòl | ___ |
| Far nach faic mi cluaran no neòinean guanach | ___ |
| No fraoch no luachair air bruaich no lòn | ___ |